. Coilltean uinnsinn - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Coilltean Uinnsinn / Ashwoods

Chalara

Tha SNH gu math draghail mun chunnart do chraobh a tha cudromach do dualchas nÓdarra. Tha sinn ag obair c˛mhla ri Coimisean na Coilltearachd agus buidhnean eile ann an Alba agus an Rýoghachd Aonaichte gus tuigse nas fhŔarr fhaighinn air a' chunnart, agus fuasgladh a chur air d˛igh. Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhail air www.forestry.gov.uk/chalara external site

'S iad seo na coilltean a th' air na talmhaichean as torraiche, tric falaichte ann an c˛san is gilean, agus mar sin 's e sgaoileadh cuingealaichte a th' aca air feadh Alba. Mar as trice, tha coilltean uinnsinn bog is dubharach, agus far an nochd iad bidh deagh chruinneachaidhean de lusan coille nan cois anns am bi m˛ran ghnŔithean dathach nach fhaicear ach ainneamh. Air talamh Órd, tha iad nam fýor innsean-fÓsaich de bhith-iomadachd le raon farsaing de ghnŔithean co-cheangailte ann an Órainneachd a bhiodh gu math fÓs Ós an aonais.

'S ann air uachdar clach-aoil, i.e. air talmhaichean torrach, a tha na coilltean uinnsinn as motha, ach gheibhear an aon se˛rsa air talmhaichean nas seirbhe a tha air an droch dhrŔanadh is far a bheil am mathachadh ga shruthadh air falbh. Tric 's e dýreach mýrean beaga de choillteach a th' annta sin le oirean neo-riaghailteach no srianagan caola an cois c˛mhnardan, raonaichean air bruach aibhnichean, creagan nochte agus bruthaichean casa. Gu samhlachail, tha na coilltean sin fo bhuaidh uinnsinn, ach ann am m˛ran dhiubh gheibhear leamhan, darach is calltainn, agus, far a bheil an talamh nas fliche, dh'fhaodadh feÓrna nochdadh. Ann an iar-thuath na h-Alba tha uinnsean tric gann, ach tha an gnŔ air a riochdachadh le cuid de na h-eisimpleirean E˛rpach de phris challtainn oirthireach lÓn de chrotal external site áas fhaide gun iar agus le lusan nas Óirde.

Air sgÓth a' cheangail lÓidir ann an sgaoileadh eadar an t-se˛rsa coille seo is clach aoil, tha feartan arce˛lais, leithid cuaraidhean beaga, fiughall Óthan aoil agus iarmadan eile de sheann ghnýomhachasan ann am m˛ran choilltean uinnsinn a tha a' comharrachadh gun robh ceangal fada eachdraidheil aig daoine ri coilltean uinnsinn. Bhathas a' faicinn m˛ran de na coilltean sin san Óm a dh'fhalbh mar phreasalaichean, cuid eile a bha nan ionaltradh-coille ach an-diugh tha structair Órd coillteach aig a' chuid mh˛r dhiubh.

'S iongantach mur eil a' chuid mh˛r de choilltean uinnsinn Órsaidh, agus tha iad am measg na h-Órainn as torraiche dha fiadh-bheatha sna h-Órdan, ainmeil airson na th' annta de fhl¨raichean, mar br˛g na cuthaige, s˛bhrag, crobh preachain coille agus gairleag achaidh. Tha m˛ran de fhl¨raichean tearc coille ann an coilltean uinnsinn nan Órdan, leithid an ealabor dorch dearg agus seula chuairteagach Sholaimh.

Tha coilltean uinnsinn cuideachd nan dachaigh dha m˛ran bheathaichean beaga gun chnÓimh droma, 's d˛cha gnŔithean annasach no feadhainn a tha gus a dhol Ó bith. Tha r¨sg cÓl-shalainneach seann uinnsinn (agus leamhain far a bheil e an lÓthair) a' beathachadh crotalá fl¨ranach , gu h-Óraidh a' choimhearsnachd shultmhor. Am measg nan eun briodachaidh tha an eÓrr dearg, an conan coille agus, ann an iar-thuath na h-Alba, an deargan sneachda.

Tha coilltean uinnsinn measgaichte external site nan Órdan nan Órainn le prýomhachas ann an Ro-innleachd Bith-iomadachd na h-Alba agus tha iad cuideachd air an dýon le Riaghailt nan └rainnean E˛rpach. Ann an TŔarmainn NÓdair NÓiseanta chithear eisimpleirean mýorbhaileach den ghnŔ coille seo leithid:

Coille Uinnsinn Rasail Seo an tŔ as fhaide tuath ann am Breatainn, aon de chorra choille uinnsinn nÓdarra na h-Alba. Tha a' chlach-aoil ýochdrach a' cruthachadh talamh a th' air leth torrach agus e a' beathachadh m˛ran de lusan fl¨ranach. Aig aon uair bha a' choille air a rianachd gus caoraich is crodh ionaltraidh a bhiathadh, agus tha m˛ran de na craobhan a' sealltainn gun robhas a' gearradh am mullaichean no barrachd dhiubh aig Óm air choreigin.

Coille Ghlas Dhruim external site Tha a' choille fhiadhaich seo ag Ŕirigh bhon chladach faisg air ceann Loch Criathrair suas bruaichean Beinn Churalain. Tha an t-atharrachadh san Óirde agus na creagan searbhagach is aoil a' ciallachadh gu bheil measgachadh beairteach de chraobhan, lusan is bhiastagan ann an seo. Tha an tearmann ainmeil cuideachd airson farsaingeachd de ghnŔithean de dhealain-dŔ, nam measg an s¨rdagan breac.

Coilltean Gleann Chluaidh external site Anns an tŔarmann seo tha coillteach chonasgach mar a tha buailteach ann an Gleann Cluaidh. Tha na gilean casa air dýon a chur air a' mheasgachadh torrach de chraobhan uinnsinn, daraich is leamhain bho bhith air an leagail no air an ithe le beathaichean. Tha measgachadh farsaing de dh'e˛in an seo, nam measg conan-coille, breacain ghlasa agus an eÓrr-dearg agus as t-earrach tha an talamh c˛mhdaichte le bratan dathach de bhr˛g na cuthaige is s˛bhragan.

'S e tŔarmann le Urras Fiadh-bheatha na h-Alba, ann an Earra GhÓidheal a th' ann an Coille Challtainn Baile Chuain external site . Tha a' choille challtainn Atlantaig a' c˛mhdach druim ýosal os cionn Caolas Cuain. 'S i lÓrach le cudromachd eadar-nÓiseanta a th' innte air sgÓth na th' ann an seo de fhl¨raichean crotail, le m˛ran dhiubh an urra ri na craobhan calltainn. Tha fl¨raichean ýosal torrach sa choille agus tha i na deagh lÓrach dha e˛in briodachaidh is e˛in si¨bhlach samhraidh.

á

á

English version



Last updated on Friday 9th November 2012 at 12:15 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo