. Coilltean beithe - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Coilltean Beithe / Birchwoods

'S e coilltean beithe a' choillteach as bitheanta agus as farsainge a th' ann an Alba, is i a' c˛mhdach raointean m˛ra den talamh Órd air talmhaichean a tha nas seirbhe is nach eil cho torrach. Tha trý se˛rsaichean beithe d¨thchasach do Bhreatainn: Beithe Dhubhach, Beithe Charraigeach is Beithe Bheag external site . Cha bhi a' Bheithe Bheag a' fÓs cÓil nas Óirde na preas ýosal agus air an lÓraich seo bithear ag ainmeachadh na h-Órainn far am bi i a' fÓs fo se˛rsaichean choilltean nas lugha. Ann an gnÓth-shýde fhionnar, fhliuch is ghaothach taobh iar-thuath na GÓidhealtachd, 's i a' bheithe charraigeach as bitheanta, a' cruthachadh fearann coillteach nach eil a' fÓs nas Óirde na 10m ach ainneamh; ach ann an gnÓth-shýde boreal taobh an ear is meadhan na GÓidhealtachd 's i a' bheithe mheata dhubhach a tha a' soirbheachadh.

'S e craobhan stŔidheachail a th' anns na craobhan beithe agus suidhichidh iad fhŔin gu luath ann an talamh millte gus coilltean cho-aoiseach a chruthachadh. Dýreach mar a dh'ath-nuadhaicheas craobhan beithe ˛ga iad fhŔin ann an ceÓrnaidhean neo-choillteach a tha faisg orra, tric ri linn falaisgeir agus atharrachaidhean ann an ionaltradh, bidh coilltean beithe uaireannan mar gum biodh iad "a' gluasad" thairis air an Órainneachd, fhad 's a tha a' choille bheithe "phÓrantail" a' tighinn gu inbhe agus a' fÓs aost. Tha gluasadachd coilltean beithe nan Órdan air buaidh a thoirt air an fhiadh-bheatha a gheibhear annta, agus bidh buil chudromach aig sin air an rianachd san Óm ri teachd.

Air na talmhaichean as truaighe 's e glŔ bheag a chraobhan a tha ri fhaicinn a bharrachd air a' chaorann, corra phreas de chuileann agus an darach sessile, agus, gu h-ionadail an giuthas Albannach. Ach air lÓraichean a tha nas torraiche gheibhear caorann, uinnsean, critheann, feÓrna, s¨ileag, geanais, fiodhag, aiteann, calltainn, conasg agus droigheann dubh. Bidh aiteann uaireannan a' fÓs fo chraobhan eile ann an coilltean beithe taobh an ear na GÓidhealtachd, agus bidh critheann tric a' nochdadh ann an cruinneachaidhean beaga is corra uair ann an cuilbh leudaichte ann an coilltean beithe nan Órdan far a bheil an talamh mŔinnireach.

Air na lÓraichean uile, ach a-mhÓin an fheadhainn as seirbhe, tha a' bheithe "a' mathachadh" na talmhainn is a' toirt cothrom dha lusan feurach fÓs air talmhaichean far nach robh ann roimhe ach blÓr-fraoich ýosal. Ged is e glŔ bheag de ghnŔithean lusan a tha a' fÓs a-mhÓin ann an coilltean beithe, tha iad bÓidheil do luibhean is feur nach fhaicear ach ainneamh taobh a-muigh choilltean, agus tha iad a' beathachadh beairteas de lusan streapach, nam measg m˛ran de lusan a tha tearc ann an coilltean an iar. Tha cuid de lusan tuathail mar fliodh, glas-luibh is leolaicheann (ann an coilltean nach eilear ag ionaltradh) le ceangal lÓidir ri coilltean beithe na GÓidhealtachd.

Tha coilltean beithe nan Órainn fheumail dha e˛in-choille mar an conan-coille, an eÓrr-dearg is an coilleach dubh. Tha am fiodh fhŔin a' lobhadh gu luath agus a' tabhann Órainn luachmhor de fhiodh marbh dha fungas, daolagan is e˛in a bhios a' neadachadh ann an tuill.

Tha coilltean beithe nan Órainnean cudromach dha grunn ghnŔithean (a' gabhail a-steach nan gnŔithean prýomhachais UKBAP aiteann external site , dealan-dŔ nan oirean neamhnaideach, agus cuileag iadhach a' chrithinn.)

Faodaidh tu tadhal air eisimpleirean Ólainn den ghnŔ choille seo air ar TŔarmainn NÓdair NÓiseanta external site :

Creag Eileachaidh external site : Dýreach mionaid no dhÓ de choiseachd bho bhaile na h-Aghaidh Mh˛ir, air na bruthaichean os cionn prýomh rathad Pheairt gu Inbhir Nis, tha coille mh˛r bheithe Creag Eileachaidh. 'S e Óite sýtheil a th' ann far am faodar coiseachd aig Óm sam bith den bhliadhna.

BlÓr D¨naidh external site : 'S e measgachadh brŔagha de bhoglaichean, choilltean beithe is m˛inteach a th' anns an TŔarmann NÓdair NÓiseanta seo ann an Roinn a' Mhonaidh agus arc-e˛las gu math inntinneach co-cheangailte ris.

á

á

English version



Last updated on Wednesday 10th July 2013 at 10:29 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo