. Coille dharaich - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Coille dharaich / Oakwoods

Coilltean daraich air talamh àrd

Tha ar coilltean-uisge am measg rùintean-d́omhair falaichte na h-Alba! Fo bhuaidh gnàth-sh́de thlàth, fhliuch na h-Atlantaig air taobh siar na dùthcha, tha na coilltean sin air bratan ṣghail de raineach is cḥinneach fhàs, agus raon ṣnraichte de ghnèithean co-cheangailte. 'S e darach a' chraobh as bitheanta agus beithe, le àireamhan eadar-dhealaichte de chuileann, de chaorann is challtainn. Tha an darach buailteach lùghdachadh san iar-thuath agus nas àirde shuas air a' mhullach agus 's i a' bheithe as motha a th' anns na coilltean. As t-earrach tha beairteas de fhlùraichean ́osal ann an cuid de na coilltean sin, le bṛg na cuthaige, ṣbhrach, dail-chuach, glasair choille, gairleag achaidh, tursarain choille agus ṃran ghnèithean de raineach. Mar a tha an talamh a' fàs nas seirbhe, tha feur is froineach a' fàs nas cumanta agus, air talamh a tha air leth searbh, 's ann aig braoileagan is c̣inneach a tha làmh an uachdair.

Am measg nam feartan as cudromaiche sna coilltean sin tha na coimhearsnachdan lusan - lusan nan àirneag (cuislean aibheach), c̣inneach (c̣mhla cuiridh sinn caoinich no bryophytes orra) agus crotal. Tha grunn cheudan de shẹrsaichean caoinich is de chrotal ann an coilltean na h-Atlantaig; ṃran dhiubh beag, b́odach, le cruthan iongantach is àlainn nuair a chithear iad fo lionsa làimhe, cuid eile ṃr is an crochadh bho na craobhan coltach ri falt no pàipear air a stialladh bho balla. Tha gnàth-sh́de taobh siar na h-Alba air leth freagarrach dha na gnèithean sin, a tha a' cur feum air àile thais, agus tha iad a' soirbheachadh ann an ĺonmhorachd nach fhaighear ann an àite sam bith eile san Roinn Ẹrpa - no am ṃran àiteachan san t-saoghal. Gu dearbh, tha na coilltean sin mar aon de na h-àrainnean as Albannaiche a th' againn.

Tha coilltean daraich an taoibh shiair cuideachd a' cur taic ri ainmhidhean samhlachail - nan cruinneachadh ṣnraichte de dh'ẹin briodachaidh tha an eàrr-dearg, an conan coille, agus am breacan glas. Sa mhoch mhadainn aig deireadh an earraich is toiseach an t-samhraidh, cluinnear, is chithear, ma tha thu sealbhach, an eàrr-dearg fireann, a' d́on a cheàrnaidh fhèin le ̣ran, bho f́or mhullaichean nan craobhan daraich.

Tha grunn ghnèithean tearc de dhealain-dè a' dèanamh an dachaighean ann an cuid de na coilltean cuideachd. Tha sùrdagan breac (chequered skipper butterfly) a tha gu math tearc ann am Breatainn, rim faighinn a-mhàin ann an coillteach fhosgailte air taobh siar na h-Alba, far am bi iad a' breith an uighean air feur purpaidh na ṃintich. Tha an dealain-dè, dealan-dè nan oirean neamhnaideach (pearl-bordered fritillary butterfly), a' fuireach ann an àiteachan coltach ri sin ach 's ann air dail-chuach a bhios iad a' breith an uighean.

Tro na linntean, tha na coilltean sin air taic a thoirt dha daoine cuideachd, agus cha b' ann a-mhàin airson an cuid fiodha. San 18mh agus an 19mh linntean, bha ṃran dhiubh preaslaichte; bhathas a' cleachdadh an fhiodha gus gual-fhiodha a dhèanamh airson leaghadaireachd iarainn agus airson fùdar-gunna, agus an rùsg airson leathar a cairteadh. Thàinig na gńomhachasan sin gu ceann mu dheireadh o chionn c̣rr is 100 bliadhna, agus on uair sin tha na coilltean air fàs gu bhith nan cuilbh inbhidh.

Tha coilltean daraich air na talmhaichean àrda external site nan àrainnean pŕomhachais ann an Ro-innleachd Bith-iomadachd na h-Alba agus tha iad cuideachd air an d́on fo Riaghailt àrainnean na h-Ẹrpa external site . Lorg fhèin an draoidheachd tharraingeach aca - tha cuid de na coilltean daraich as fheàrr ann an Alba air Tèarmainn Nàdair Nàiseanta external site .

'S e Taighnis aon de na coilltean daraich àrsaidh as motha ann am Breatainn. Tha i suidhichte air leth-innis brèagha a' coimhead thairis air Loch Suain agus tha faireachdainn ṣnraichte mu thimcheall. Tha raineach is c̣inneach sileach na coille a' measgachadh le talamh boglach is feurach agus a' cumail beatha ri c̣rr is 300 gnè lusan agus c̣rr air 20 sẹrsa de dhealan-dè.

Loch Laomainn ann am meadhan na h-Alba, ainmeil airson a chladaichean is eileanan coillteach. Tha an tearmann a' toirt a-steach c̣ig de dh'eileanan an locha, gach aon le coille dharaich inbhidh. As t-earrach bidh a' choillteach c̣mhdaichte le bṛg na cuthaige is gairleag achaidh nuair a bhios ceileirichean siùbhlach, breacain glasa is an eàrr-dearg a' ṭiseachadh a' tilleadh.

Gleann Nant external site a bruthaichean c̣mhdaichte le sàr choillteach mheasgaichte. Chaidh ṃran chraobhan a leagail bho 1753-1880 gus gual-fhiodha a chumail ri Fùirneis Iarainn Bun Abha external site faisg air làimh (a tha a-nis fo stiùireadh Alba Aosmhor agus fosgailte dhan phoball). Tha gasan bho na stuic a chaidh a ghearradh, air fàs a-rithist agus tha fàs mèath de cḥinneach is chrotal orra.

Glasdruim external site , coillteach fhiadhaich a tha a' d́readh bhon chladach faisg air ceann Loch Criathrair suas bruaichean Beinn Churalain. Tha atharrachaidhean na h-àirde agus an t-searbhag is an t-aol a th' anns na creagan a' ciallachadh gu bheil measgachadh torrach de chraobhan, lusan is bhiastagan ann. Tha an tèarmann ainmeil cuideachd airson na th' ann de dhiofar sẹrsa dhealain-dè, nam measg an dealan-dè tearc, sùrdagan breac.

Gleann Creabasdail, àlainn is iomallach. Tha slighe fhada a-steach gun choille iomallaich seo air cladaichean Loch Suaineirt, ach 's fhiach e an t-saothair air sgàth nan seallaidhean ḿorbhaileach agus dh'fhaodadh gum faiceadh tu eadhon ḍbhrain. Tha fuarachd thais is dubhar na coille dhuilleagaich air leth freagarrach airson fàs a thoirt air raineach, c̣inneach, lusan nan àirneag is crotal.

Tha craobhan Airigh Fhionndail c̣mhdaichte le c̣inneach, raineach, lus nan àirneag is crotal, a tha a' soirbheachadh sa ghnàth-sh́de thais seo. Tha a' choille cuideachd na dachaigh dha iomadh sẹrsa ẹin.

'S e Loch a' Mhuilinn a' choille dharaich as fhaide tuath ann an Alba. Tha buaidh bacaidh gèilltean a' chinne tuath ri fhaicinn is cuid de na daraich nan craobhan èalaidheach, ́osal faisg air a' mhuir.

 

 

 

 

English version



Last updated on Thursday 10th May 2012 at 15:55 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo