. Coille - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Coilltean na h-Alba / Scotland's woodlands

Tha na coilltean d¨thchasach againn nam feartan ainmeil de chruth-týre Alba. Eadar cladaichean creagan na h-oirthir agus beanntan Órda, tha iomadh se˛rsa coille ann an Alba. Tha gach tŔ s˛nraichte agus iongantach na d˛igh fhŔin. Tha na coilltean seo comharraichte air sgÓth beairteas agus iomadachd ge˛lais, ¨irean, gnÓth-shýde agus cumadh-týre.

Chaidh na coilltean a chumadh thar mýltean bhliadhnachan le daoine ag obair c˛mhla ri nÓdar agus tha iad nan dachaigh do iomadh gnŔ Ólainn, iongantach. Bho na craobhan m˛ra daraich sna pÓircean gu na craobhan beaga, plucach, cam shuas gu h-Órd aig loidhne nan craobhan, tha iomadachd mhýorbhaileach ri lorg sna coilltean ann an Alba.

Darach Cadzow, Chatelherault  ę Lorne Gill/SNH. Airson cead fhaighinn dealbhan SNH a chleachdadh cuir f˛n gu 01738 444177 no thŔid gu www.snh.gov.uk

Coille dharaich

Rannsaich na seann choilltean daraich sýtheil, gorm ann an Earra-GhÓidheal is ann an Loch Abar. Faigh a-mach barrachd mun eachdraidh gnýomhachais a tha nan l¨ib.

Craobh giuthais ann an coille ę Lorne Gill/SNH. Airson cead fhaighinn dealbhan SNH a chleachdadh cuir f˛n gu 01738 444177 no thŔid gu www.snh.gov.uk

Coilltean giuthais Chailleanach

Coisich tro sheann choille ghiuthais Chailleanach agus 's d˛cha gum faic thu cama-ghob Alba.

Beith san fhoghar, Raineach ę Lorne Gill/SNH. Airson cead fhaighinn dealbhan SNH a chleachdadh cuir f˛n gu 01738 444177 no thŔid gu www.snh.gov.uk

Coilltean beithe

Faic coilltean beithe Ólainn Meadhan na GÓidhealtachd. A bharrachd air beithe, tha seileach, caorann agus critheann cuideachd sna coilltean seo.

Coille ri taobh locha, Barnlusagan ę Lorne Gill/SNH. Airson cead fhaighinn dealbhan SNH a chleachdadh cuir f˛n gu 01738 444177 no thŔid gu www.snh.gov.uk

Coille fhliuch

Rannsaich a' choille fhliuch aig beul Endrick, Loch Laomainn agus beul Uisge SpŔ. Tha na sgýrean sin air coilltean cho fliuch is cho fiadhaich 's a th' ann an Alba.

Coille uinnsean, TŔarmann NÓdair NÓiseanta Rasail ę/SNH. Airson cead fhaighinn dealbhan SNH a chleachdadh cuir f˛n gu 01738 444177 no thŔid gu www.snh.gov.uk

Coilltean uinnsinn

Tha am beagan a tha air fhÓgail de choilltean uinnsinn Alba buailteach a bhith ann an Óiteachan a tha doirbh faighinn thuca mar m˛r-ghilean casa agus le˛idean creagach.

Seann chraobhan ann am pÓirc, faisg air New Abbey ę Lorne Gill/SNH. Airson cead fhaighinn dealbhan SNH a chleachdadh cuir f˛n gu 01738 444177 no thŔid gu www.snh.gov.uk

Coilltean is pÓircean

Bidh craobhan m˛ra, fosgailte air talamh coille agus bidh iad a' fÓs far a bheil an talamh air a chumail suas le ionaltradh.

Duilleagan - calltainn ęDave Genney/SNH. Airson cead fhaighinn dealbhan SNH a chleachdadh cuir f˛n gu 01738 444177 no thŔid gu www.snh.gov.uk

Se˛rsaichean choilltean nas lugha

Tha se˛rsachan choilltean eile cuideachd ann an Alba, mar preaslach monaidh agus coilltean crithinn.



Last updated on Friday 31st August 2012 at 11:21 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo