. Grunnd na mara - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Grunnd na mara / Seabed

Tha oirthir fhillte Alba a' toirt buaidh air beatha fo na tuinn. Am measg nan Órainnean, tha sgeirean agus poll domhainn. Tha doimhneachd an uisge, agus a bhith fosgailte ri obair nan tonn agus sruthan mara, a' toirt buaidh air dŔ na lusan agus na h-ainmhidhean a bhios be˛, an dÓ chuid ann agus air, grunnd na mara.

Bho bhallachan Órda, fosgailte a bhios a' tuiteam sýos a dhoimhneachd nan uisgeachan glan mu chuairt eileanan Alba gu cladaichean fasgach nan lochan-mara le ceilpámu na h-oirean, tha na cuantan a' cumail taic ri m˛ran Órainnean air sgeirean. Tha Hiort air a mheas air leth s˛nraichte san liosta fhada de shÓr lÓraich dÓibhigidh mu na cladaichean againn, ach cuideachd s˛nraichte airson iasg a' mhadaidh san tŔarmann mara shaor-thoileach ann an St. Abbs no gaotharain-mhara ann an Linne Latharna, tha pailteas is dathan na tha be˛ sa mhuir iongantach fhŔin.

Nuair a bhios sruthan an lÓin a' dol tro na caolais mu chladaichean Alba, bidh iad a' toirt beatha gu grunnd na mara, a' toirt biadh agus ogsaidean gu gach ný be˛ sa mhuir. Bidh mýrean beaga puill gan gi¨lan air falbh agus a' fÓgail stuthan garbh air grunnd na mara - grinneal, molagan agus ulbhagan - agus fo-chreag, air a bualadh ann an Óiteachan le gainmheach agus grinneal. Bho ghi¨lan socair gu gi¨lan bhras, grinneal ann an tanalach gu fo-chreag dhomhainn, faodaidh caolaisáan lÓin a bhith lÓn de bheatha mara.

Bidh beagan ainmhidhean Óraidh agus lusan a' toirt atharrachadh m˛r mu thimcheall orra air grunnd na mara, agus a' cruthachadh Óiteachan anns an dŔan lusan agus ainmhidhean eile gu math - Óiteachan trang dha-rýribh. Bidh cuid gan ceangal fhŔin c˛mhla le bhith a' togail structaran fillte ach lag a bhios ag Ŕirigh far grunnd na mara - mar na corailean uisge fuar san uisge dhomhainn far Mhi¨ghalaigh sna h-Eileanan Siar, no na sgeirean mýorbhaileach chnuimhean ann an Loch Creurain, Earra-GhÓidheal. Bidh ainmhidhean eile gan ceangal fhŔin ri grunnd na mara agus ri chŔile le bhith a' cleachdadh shnÓithleanan steigeach, mar feusgain nan each agus feusgain ghorma (a ghabhas ithe) agus a' cruthachadh brat cnapach a dh'fhaodas grunnd na mara fhalach gu tur. Bidh an t-slige lasrach, ris an canar an dÓ-shligeach as Óille ann am Breatainn, a' cur nan greimirean deÓlrach, orains aice am falach bho sh¨ilean biorach (agus bho bhe˛il chreachadairean) le bhith a' togail neadan air chumadh isbein le snÓithleanan steigeach, agus bidh iad be˛ am falach fo ghrunnd na mara - faodaidh gum bi suas ri 700 dhiubh ann am meatair ceÓrnagach agus gun fhiosta fo dhÓibhear a ghabhas seachad!

Tha poll bog na dhachaigh iongantach do chuid de dh'ainmhidhean mara s˛nraichte, nam measg giomach Ólainn Nirribhidh, a' chýochag lasrach, agus coilltean de phinn-mara, a tha coltach ri itean fada, geala a' fÓs Ós a' pholl.

English version

Boiteag Serpulid ann an Loch Creran ę Sue Scott/SNH. Airson fiosrachaidh mu chleachdadh dhealbhan aig Dualchas NÓdair na h-Alba cuir f˛n gu 01738 444177 no thŔid gu www.snh.gov.uk

Bearradh loch-mhara

Tha na sgýrean-uisge a-staigh de lochan-mara Alba nan Óite s˛nraichte airson beatha-mara, far a bheil na h-uisgeachan tÓmh gu ýre ag atharrais staid an uisge ann am muir fýor dhomhainn.

Coille Funiculina ęSue Scott/SNH. Airson fiosrachadh mu ch˛raichean leth-bhreacan, cuir fios gu Leabharlann ╠omhaighean Dualchas NÓdair na h-Alba air F˛n 01738 444177 no thŔid gu www.snh.gov.uk

Eabar le tuill bheathaichean

Tha eabar bog, domhainn na dhachaigh nach saoileadh tu do chuid de dh'ainmhidhean mara s˛nraichte.

Crosgagan brisg / Brittlestars ę Sue Scott/SNH. Airson cead fhaighinn dealbhan SNH a chleachdadh cuir f˛n gu 01738 444177 no thŔid gu www.snh.gov.uk

Caolasan mara

Tha na caolasan mara a tha a' sruthadh tro chaolasan oirthir Alba a' toirt beatha gu grunnd na mara.



Last updated on Wednesday 18th July 2012 at 14:19 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo