. Fideachan - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Fideach / Saltmarsh

A' sealltainn orra bho gu h-rd, tha fideachan nam breac-dhualaidhean morbhaileach de thalamh is uisge - cluaintean uaine comharraichte le ban lbach agus lin iomallach. Tha na lin sin uaireannan ceangailte le lonra dranaidh fon talamh, agus corra uair, ann an ln tioram, chithear aon de na 'poban' sin. 'S ann ann an suidheachaidhean smhach a bhios na fideachan sin ag irigh, far am bi a' mhuir a' fgail gridean mn ach dh'fhaodadh gun deach cuid dhiubh a chruthachadh nuair a chaidh gridean talmhaidh nas gairbhe a bhthadh; tha fianais ann gun robh cuid de na fideachan sna h-Eileanan Siar nam machair aig aon m. Tha mran fideachan co-cheangailte ri bigh ann an linneachan no ann an inbhirean, ach tha feadhainn nas lugha buailteach a bhith aig ceann loch-mara, agus uaireannan thig iad am brr air taobh an fhearainn de rubhaichean is eileanan. 'S ann san iar-thuath de dh'Alba a chanar fideach, ann an iar-dheas na h-Alba 's e 'merse' a chanar ri farsaingeachd de fhideach mara. Tha fideach a' nochdadh air a' chuid mhr de chostaichean na h-Alba - ach tha an fheadhainn as motha air Linne Shalmaigh. Aig an m tha lthair chan eil aithne cho math air fideachan na h-Alba 's a tha orra ann am pirtean eile den RA, agus thathas a' meas gu bheil iad eadar 6,000 agus 7,000ha. Shnraich sgrdadh air fideachan Bhreatainn gun robh 13.7% de na bh' ann am Breatainn air fad ann an Alba.

D a th' ann am fideachan?

'S e am mneachadh as fherr air fideachan gur e a th' annta ach fs-bheatha de lusan rda air an uisgeachadh gu cunbhalach le uisge saillte. Tha a' chuid mhr de fhs-bheatha fideachan co-cheangailte ris an t-sel-mhara, ach ann an cuid de shuidheachaidhean fosgailte, eadhon air mullaich bhearraidhean, rd os cionn na mara, dh'fhaodadh gum biodh uimhir de chathadh-mara ann 's gu bheil an fhs-bheatha co-ionann ri na gheibhear air fideach.

Tha fideachan na h-Alba eadar-dhealaichte

Tha fs-bheatha fideachan na h-Alba gu math eadar-dhealaichte (sa chumantas) bho na th' air fideachan ann an Sasainn.Tha mran de na gnithean a tha cumanta ann an Sasainn air an cuingealachadh ris an iar-dheas air neo chan eil iad idir ann. Tha rud eile snraichte mun fheadhainn a th' ann an Alba agus 's e gu bheil am fideach 'tsail' osal a bhios a' dol na chmhnardan eabarach nas gainne, agus, air mran de shiostaman Albannach, tha oir feamad a tha dol na chmhnard eabarach. Tha fideachan na h-Alba a' leasachadh an easbhaidh a thaobh gnithean deasach le raon eileamaidean tuathail, nam measg an seisg fhideachail, Blysmus rufus agus an luachair caol spceach, Eleocharis uniglumis. Chaidh an Eleocharis parvula tearc a lorg o chionn ghoirid ann an Caolas Chrombaidh. Tha sgrath ghoirid anns a bheil am feur, fucoid Fucus cottonnii, feamainn beag bodach, samhlachail air fideachan ann an Iar-thuath na h-Alba. Ann an Sasainn, tha sgaoileadh de ghldhran, Spartina anglica, air cernaidhean mra (16.4% den rainn air fad) a thionndadh gu fs-bheatha bochd agus, tha seo (ged a tha diofar bheachdan mu dheidhinn seo) air lghdachadh a dhanamh air cernaidhean-beathachaidh ein, ged ann an cuid de dh'iteachan tha e a' dol air ais airson adhbharan nach eil follaiseach. Sa Chuimrigh, tha an cmhdachadh nas irde buileach, aig 24.9% den rainn. Chan eil seo a' tachairt ach air corra lrach ann an Alba, a' cmhdachadh dreach crr is 100ha, no 1.67% den rainn. 'S ann tearc a tha fs leudaichte air ann an Alba, ach a-mhin air corra lraich san t-Salmaigh.

rainn chugallach

Seach gu bheil iad co-cheangailte ri suidheachaidhean air leth fasgach, chan eil fideachan gu snraichte neartmhor. Faodaidh lraich aon charbaid an talamh a theannachadh agus bidh seo ri fhaicinn airson bliadhnaichean. Chaidh farsaingeachdan mra a thionndadh gu talamh iteachais sna linntean a dh'fhalbh, gu h-raidh ann an Linne Foirthe, agus tha iad sin a-nise cuairtichte le uchdan.

English version



Last updated on Wednesday 4th April 2012 at 14:42 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo