. Bearraidhean - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Bearraidhean oirthireach / Coastal cliffs

Tha ge˛las iom-fhillte aig oirthir na h-Alba, agus tha a' mhuir air briseadh a dhŔanamh air na creagan as buige agus air Óiteachan neo-sheasmhach agus air Órainneachd Ólainn eadar-mheasgte a chruthachadh, Órainneachd eadar bearraidhean leadairte Hiort, a tha tuillte le uaimhean is tunailean, agus slŔibhtean fasgach costa Fýobha a tha gu h-ýoranta nas buailtiche dhaábhleith talmhainn seach gu bheil na creagan nas buige. Tha bearraidhean 'crotalach' air an oirthir cuideachd, far a bheil trÓighean togte a-nise a' sgaradh seann bhearraidhean bhon mhuir, uaireannan aig astaran m˛ra. Mar as trice ann an Alba, tha bearraidhean crŔadha agus bearraidhean de stuthan boga eile air uachdar creig ýochdraich, agus tha seo gan dýon bhon mh˛r chuid deábhleith bhras talmhainn a chithear air fýor chreagan boga mar a th' ann an ceann a tuath Norfolk.

└rainneachd chruaidh

Tha structair bhearraidhean a' gabhail a-steach, chan e a-mhÓin nan uaimhean is nan leacan ris am biodh d¨il, ach cuideachd stuaghan is drochaidean Ólainn nÓdarra agus eadhon far-bhallachan uachdrach. Tha grunn shuragan air mullach bhearraidhean ach tha am fear as s˛nraichte uile air eilean Str˛ma san Linne Arcach. 'S iad na bearraidhean as cudromaiche an fheadhainn a th' anns na h-Eileanan Siar, ann an Arcaibh is Sealtainn, ann an sgýre a' Mhonaidh, ann an Gall GhÓidhealaibh, agus sa chuid mh˛r de cheann a tuath týr-m˛ir bho taobh siar Rois a-null gu taobh deas Linne Mhoireibh. Seach nach eil mýneachadh aontaichte air bearraidhean, tha diofar thuairmsean ann mu cho fad 's a tha bearraidhean ann an Alba, eadar 1778km agus 4060km, agus am fear mu dheireadh mar riochdachadh air mu 60% de bhearraidhean Bhreatainn air fad. Tha na bearraidhean as Óirde air Conachair, air Eilean Hiort; tha seo 426m a dh'Óirde. Tha na bearraidhean as Óirde air týr-m˛r aig Cl˛ M˛r, faisg air A' Pharbh. Tha an stac mara as Óirde san RA ann an Hiort cuideachd, agus Stac an Armainn a' ruighinn 196.3m.

Beatha air an oir

Gheibh e˛in-mara leacan neadachaidh air a' chuid mh˛r de chreagan, ach tha creagan a tha a' laighe c˛mhnard, mar clach-ghainmhich, gu s˛nraichte freagarrach. Ruigidh cuid de bheathaichean ionaltraidh air fÓs-bheatha air na bearraidhean, ach 's d˛cha gu bheil na leacan sin a tha do-ruigsinneach dha beathaichean ionaltraidh a' tabhann na h-Órainne as lugha a tha fo bhuaidh dhaoine san Rýoghachd Aonaichte. Far a bheil bearraidhean air costaichean fosgailte, tha cathadh na mara a' brosnachadh fÓs-bheatha annasach, mar na monaidhean-mara is talmhaichean fe˛ir a th' ann an ceann a tuath na h-Alba, far a bheil an lear-uinnean agus an t-s˛bhrach Albannach a' soirbheachadh. Air pÓirtean de Hirta, Hiort, tha an cathadh mara anabarrach agus an dian ionaltradh a' beathachadh fÓs-bheatha a tha lÓn de fheur-sÓile. Ann am pÓirtean de cheann a tuath na h-Alba, faodaidh uimhir de chathadh-mara a bhith ann 's gun greimich feur-rŔisg Órd os cionn iomallan na mara. Ann an coimeas ri sin, faodaidh cuid a bhearraidhean air Iar Dheas na h-Alba a bhith cho fasgach agus gum beathaich iad coillteach dýreach os cionn └irde na Mara, agus faodaidh meanbh ghnÓth-shýde nas blÓithe a bhith aig bearraidhean a tha a' sealltainn a-mach gu deas, a' toirt cothrom dha gnŔithean deasach grŔim tuathail a ghabhail.

á

á

English version



Last updated on Wednesday 4th April 2012 at 14:48 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo