. Creag taobh a-staigh na d¨thcha - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Creag taobh a-staigh na d¨thcha /ááááááááá Inland rock

DŔ a th' ann?

Tha creag taobh a-staigh na d¨thcha, a' gabhail a-steach clachan beaga is bruthaichean creagach, nam pÓirt chudromach de shlios beinne sam bith. Tha na leacan biorach agus na slŔibhtean clachach, creagach a' cur taic ri iomadachd fharsaing de ghnŔithean. Tha na h-Órainnean sin tric glŔ chuingealaichte ann am farsaingeachd agus faodaidh iad a bhith býdeagach. 'S ann aig Óirdean mh˛ra a bhios iad mar as trice.

Tha Óiteachan creagach a-staigh ann an dÓ bhuidheann, feadhainn chailceach (no lÓn aoil) no Ŕitigeach (lÓn searbhaig). Ach chan eil e annasach creag Ŕitigeach fhaicinn le bann cailceach a' ruith troimhpe, is tha seo a' toirt cothrom dha lusan le feuman eadar-dhealaichte fÓs taobh ri taobh sna sgoltaidhean sna creagan. Tha am measgachadh seo a' toirt cothrom dha raon farsaing de lusan, luibhean dýridh is crotal fÓs gu soirbheachail.

Tha an fhÓs-bheatha a' faighinn beagan dýon bho bheathaichean lus-itheach air sgÓth nÓdar do-ruigsinneach is cugallach na h-Órainne chreagaich seo.

Earrann glŔ bheag de fhearann na h-Alba

Tha an Órainn seo doirbh a mhapadh seach gu bheil i a' nochdadh mar phÓirt de bhreac-dhualadh Órainnean eile agus gum faod i a bhith a' c˛mhdach ceÓrnaidhean glŔ bheag. Uaireannan faodaidh mapaichean ge˛lais cuideachadh ann a bhith a' comharrachadh Óiteachan a dh'fhaodadh a bhith inntinneach. Chan eil figear ceart againn airson na tha an Órainn seo a' c˛mhdach ged a tha e coltach gur e ceudad glŔ bheag de fhearann na h-Alba a bhios innte.

Carson a tha creag taobh a-staigh na d¨thcha cudromach?

Tha creag taobh a-staigh na d¨thcha glŔ chudromach oir tha i a' cur taic ri iomadh ghnŔ thearc do bheil na suidheachaidhean a tha na slŔibhtean creagach a' tabhann, riatanach. Tha na lusan a' soirbheachadh san talamh mhathaichte. Ach chan eil an iomadachd agus an fhÓs-bheatha torrach a' dŔanamh nan ceÓrnaidhean creagach sin glŔ tharraingeach dha beathaichean lus-itheach agus mar sin faodaidh an Órainn chugallach seo fulang bho cus ionaltraidh.

Tha Óiteachan creagach taobh a-staigh na d¨thcha a' cur feum air cothromachadh tuigseach a thaobh ionaltraidh oir faodaidh iad a dhol air ais cuideachd mur eil gu le˛r ionaltraidh ann. Bheir seo cothrom dhan phreaslach mu chuairt briseadh a-steach dha na h-Óiteachan torrach creagach agus cur Ós dha na gnŔithean as meata.

Am measg nan gnŔithean inntinneach sna creagan air an taobh a-staigh tha an raineach fhad-shliosach ailpeach (Woodsia ilvensis), ¨r thalmhainn (Asplenium viride), raineach c˛innich (Hymenophyllum wilsonii) agus clach bhriseach dhosach (Saxifraga caespitosa). 'S e sgaoileadh glŔ chuingealaichte a th' aig m˛ran de na lusan sin.

Tha Óiteachan creagach a' toirt ionadan cudromach dha e˛in neadachaidh. 'S fheÓrr le iolairean buidhe nid do-ruigsinneach, far am faigh iad air an iseanan a thogail gu sÓbhailte.

Tha Órainnean creagach air taobh a-staigh na d¨thcha a' toirt buannachdan dha daoine cuideachd:

  • Cur-seachad - tha streapaichean is coisichean cuideachd dŔidheil air Óiteachan creagach.

  • Luchd-coimhid e˛in - tha na slŔibhtean is na leacan creagach a' tabhann Óite-neadachaidh dha m˛ran e˛in ýomhaigheach an aonaich.

á

English version



Last updated on Wednesday 4th April 2012 at 14:09 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo