Stuthan foghlaim / Educational resources
Tha na foillseachaidhean uile ri fhaighinn ann an cruth PDF air an làrach seo ach ma tha thu ag iarraidh leth-bhreac cruaidh cuir fios gu 01738 458530 no pubs@snh.gov.uk agus thèid leth-bhreac a chur sa phost thugad an asgaidh.
Chithear foillseachaidhean Gàidhlig Dualchas Nàdair na h-Alba air fad ann an catalog nam foillseachaidhean.
Leabhar Spòrsa
Rach an sàs anns na Prìomh 5 agus gabh spòrs a' rannsachadh cuid de na beathaichean sònraichte againn ann an Alba agus na h-àitichean far am faic thu iad. Leabhar Spòrsa do chloinn 5 - 10 bliadhna a dh'aois.
Pasgan Foghlaim
Tha pasgan foghlaim ùr aig Dualchas Nàdair na h-Alba loma làn fiosrachaidh agus gnìomhan ag amas air na darna agus treasamh ìrean san Currcaicealam airson Sàr-mhathais. Bruth an seo airson am pasgan a luchdachadh a-nuas
no airson leth-bhreac cruaidh fhaighinn, cuir fios gu gaelic@snh.gov.uk.
Postairean
Tha sreath de phostairean ùra SNH ri fhaighinn saor an asgaidh: cat-fiadhaich, leumadair, bradan, caorann, crios chù chulainn agus tàrmachan. Cuir fios gu gaelic@snh.gov.uk no fòn 01463 725 148.
Duilleagan fiosrachaidh - Mu dheidhinn...
Cairtean-puist
Tha tuilleadh foillseachaidhean Gàidhlig ri fhaighinn aig Foillseachaidhean Gàidhlig.
Last updated on Friday 3rd May 2013 at 10:20 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo