Atharrachadh gnàth-shìde - buaidh air an eaconamaidh
Bheir atharrachadh gnàth-shìde buaidh mhòr chudromach air sluagh is tìr na h-Alba, a' teannachadh an eaconamaidh, an t-sòisealtais agus nan àrainneachdan nàdarra is togte. Tha buannachdan mòra sòisealta, eaconamach is àrainneachdail ri fhaighinn bho bhith a' dèiligeadh ris gu tràth gus a' bhuaidh a lùghdachadh agus a bhith ullaichte airson atharrachaidhean tràtha.
Tha an dualchas nàdarra cudromach dha-rìribh dha mòran roinnean ann an eaconamaidh na h-Alba. Bidh sinn a' cuideachadh daoine ann a bhith a' tuigsinn mar a tha an àrainneachd nàdarra an-dràsta a' cur taic ri ar tèarainteachd eaconamach, agus a' co-obrachadh le feadhainn eile gus dòighean seasmhach a leasachadh airson a cleachdadh san àm ri teachd.
Tha Frèam Freagarrachaidh Atharrachadh Gnàth-shìde na h-Alba a' suidheachadh dòigh-obrachaidh co-òrdanaichte gus cuideachadh le bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil Alba cho sùbailte 's a ghabhas mu choinneamh buaidh atharrachadh gnàth-shìde san àm ri teachd. Leis an dealbhachadh ceart suidhichte faodar cosgaisean atharrachadh gnàth-shìde a chumail cho ìosal 's a ghabhas, agus faodar cothroman ùra a ghabhail.
Tha dùil gun toir atharrachadh gnàth-shìde ann an Alba buaidh dhìreach aig iomadh ìre thairis air raon de dhiofar roinnean, chleachdaidhean agus riaghladh fearainn air feadh na dùthcha.
Thairis air a' chuid mhòr de dh'Alba thathas a' clàradh seusanan f©is nas fhaide agus dh'fhaodadh seo iomairtean ùra tuathanais a bhrosnachadh fhad 's a dh'fhaodadh cuid de na dòighean a th' ann a dhol sìos. Dh'fhaodadh gun èireadh iarrtas meudaichte airson barran bidhe is neo-bhidhe, a' gabhail a-steach barran bith-lùtha, agus chuireadh seo tuilleadh teanntachd air an talamh.
'S dòcha gum bi e doirbh smachd fhaighinn air galaran mar gaiseadh a' bhuntàta agus gum fàs plàighean neo-dhùthchasach agus galaran bheathaichean nas bitheanta. Tha rannsachadh a chaidh a dhèanamh o chionn ghoirid a' sealltainn gum bi na prìomh ghnèithean chraobhan a th' againn fhathast freagarrach ann an Alba.
Last updated on Wednesday 10th July 2013 at 09:41 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo