Do chòraichean slighe
Chan e a-mhàin gur i dùthaich mhìorbhaileach a th' ann an Alba airson am blàr a-muigh a mhealtainn, ach tha sàr reachdas againn cuideachd a tha a' toirt cead dhan t-sluagh faighinn gun chuid mhòr den talamh is den uisge.
Tha na còirichean slighean dùthchail sin a' buntainn ri dùthaich na h-Alba san fharsaingeachd is iad a' gabhail a-steach coiseachd, baidhsagalachd agus gnìomhan neo-mhotairichte eile.
Ge bith càit an tèid thu cuimhnich gu gabh thu ceuman sìmplidh airson cùram a thoirt dhan àrainneachd agus gus spèis a thoirt dha feuman dhaoine eile a tha ag obair air an talamh no a' mealtainn a' bhlàir a-muigh. Tha àiteachan ann cuideachd far nach eil na còirichean sin a' seasamh, nam measg taighean is gàrraidhean agus ionadan armailteach is raointean adhair.
Tha fiosrachadh iomlan mu na còirichean is na dleastanasan ri fhaighinn ann an Còd Slighean Dùthchail na h-Alba
. Am measg nan cuspairean a th' air an còmhdach tha molaidhean air mar a champaicheas tu agus nuair as còir dhut do chù a chumail air taod. Tha an Còd cuideachd a' toirt stiùireadh sònraichte dha Stiùirichean Fearainn is Manaidsearan Cur-seachad.
Leugh tuilleadh mun Chòd agus mu chòdan cudromach eile sna ceanglaichean.
Last updated on Friday 31st August 2012 at 15:59 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo