. Gàirneilearachd airson slàinte - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Gàirneilearachd airson slàinte

A thuilleadh air a bhith a' cuideachadh fiadh-bheatha, faodaidh gàirnealaireachd a bhith math dhut cuideachd.

Tha rannsachadh a' sealltainn gun cuidich gàirneilearachd le faighinn cuidhteas de reamhrachd, le d́on bho aillse agus tinneas cridhe, neartachadh chnàmhan agus a' sabaid an aghaidh uallach. Bidh daoine tha a' cunntadh chalaraidhean toilichte a chluinntinn gun loisg cladhach airson leth-uair a th́de 250 calaraidh, agus eadhon gun caill thu 105 calaraidh a' togail luibhean. Mar bhuannachd, tha na tha sin de lùbadh, sh́neadh agus ghiùlain a' neartachadh d' fhèithean a' cheart cho math ri eacarsaich san lann lùth-chleas (is e saor 's an-asgaidh!).

Lorg sgrùdadh Ameireaganach a rinnear o chionn ghoirid gu bheil dùmhlachd chnàmh nas àirde aig boireannaich thairis air 50 a bhios a' gàirneilearachd na aig boireannaich a bhios a' dèanamh eacarsaich sam bith eile. Tha a bhith a' dol a-mach dhan ghrèin a' cuideachadh na bodhaig gus beothaman D a dhèanamh, agus tha seo an uair sin a' toirt cothrom dhuinn barrachd calcium a ghabhail a-steach - rud a tha deatamach airson slàinte chnàmhan. Tha sgrùdaidhean cuideachd air sealltainn gu bheil gàirneilearachd a' śtheachadh dhaoine agus eadhon gun cuidich e le duilgheadasan slàinte inntinn.

Cuidichidh an duilleag againn, Gàirneilearachd airson Fiadh-bheatha thu airson ṭiseachadh.

Cuidichidh na ceanglaichean co-cheangailte thu airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu na buannachdan slàinte a tha an lùib gàirneilearachd.

 

 

English version



Last updated on Wednesday 18th April 2012 at 12:42 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo