Dè nì mi? / What can I do?
Ge bith an ann a' dol thar-dhùthcha gu h-àighearach air baidhsagal a tha thu, a' coiseachd air do shocair air ceum san nàbachd no a' faighinn a-mach mu fiadh-bheatha aig Tèarmann Nàdair Nàiseanta, tha dùthaich na h-Alba a' feitheamh ri bhith air a foillseachadh. Tha ar n-àrainneachd àlainn eadar-mheasgte air leth freagarrach airson nithean spòrsail is brosnachail, dha gach aois is sgil, a mhealtainn innte.
Fois agus cur-seachad
Coisich, rach air baidhsagal, marcaich air each, plubraich ann an curach is eile. Ach faigh brosnachadh a dhol a-mach!
Bi èasgaidh
Faigh a-mach gum faod am blàr a-muigh a bhith na lann lùth-chleas, gu tur an-asgaidh agus dìreach air do stairsich!
Obair saor thoileach
Cuidich obair-nàdair na h-Alba le bhith a' faighinn dreuchd shaor-thoileach. Dh'fhaodadh tu dìreach uair a thìde a dhèanamh no seachdain slàn.
Dìon aon rud dha fiadh-bheatha
A bheil thu airson tòiseachadh? Lorg beachdan an seo - deagh roghainnean airson a' ghàrraidh agus rudan a dh'fhaodas tu a dhèanamh còmhla ri daoine eile.
Gàirneilearachd airson fiadh-bheatha
A bheil thu ag iarraidh barrachd dhealain-dè is seilleanan-mòra fhaicinn nad lios? Tha tòrr ann a dh'fhaodas tu a dhèanamh.
Tachartasan
Dè tha dol faisg ort-sa? Lorg ceanglaichean gu tachartasan nàiseanta agus tachartasan ionadail.
Last updated on Tuesday 13th March 2012 at 16:19 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo