. Seallaidhean-t́re san fharsaingeachd - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Seallaidhean-t́re san fharsaingeachd

Tha ṃran dhaoine a' siubhal gu math fada airson a thighinn a dh'fhaicinn seallaidhean na h-Alba. Tha dealbhan brosnachail, suidheachaidhean ann am filmean ainmeil, bàrdachd, peantadh is ̣rain air cliù a thoirt dhar seallaidhean-t́re air feadh an t-saoghail. Tha seallaidhean-t́re na h-Alba a' foillseachadh iomadachd ghẹlasach a th' air a chruthachadh thairis air billeanan bhliadhnaichean, a thuilleadh air a' bhuaidh a bh' aig bith-iomadachd is daoine tro amannan nach eil cho fada às.

Ri linn sin tha na beanntan as àirde is na lochan as doimhne san RA ann an Alba. Tha na h-oirthirean as fhaide san Roinn Ẹrpa againn cuideachd, fad do-chreidsinneach de 12,000 km de dh'oirth́r agus bearraidhean corrach no tràighean geal neamhnaideach, le 790 eilean an cois a' chladaich.

'S e an ḍigh as fheàrr air na seallaidhean a mhealtainn a dhol a-mach agus rudeigin a dhèanamh. Gabh cuairt ann an aon de na Roinnean Seallaidheach Nàiseanta no siubhail air baidhsagal air ṛidean sàmhach, rach dha na beanntan, gabh tlachd ann an cuairt an cois na mara no cuairt ann am bàta air aon de na lochan.

No carson nach gabh thu an trèana: thathas a' meas Loidhne Taobh Siar na Gàidhealtachd (Glaschu gu Malaig) agus loidhne a' Chaoil (Inbhir Nis gu Caol Loch Aillse) mar dhà de na tursan rèile as àlainne air an t-saoghal.

Ach chan feum thu astar mḥr a shiubhail gus tlachd a ghabhail anns a' bhlàr a-muigh ann an Alba. Tha àiteachan faisg air am baile agad fhèin a tha ṣnraichte, diofraichte agus gu math tric gun fhios do dhaoine eile. Seo na h-àiteachan a tha PlaceBook Scotland external site airson gun clàr thu air an làrach-ĺn aca airson a' sealltainn do dhaoine gu bheil fada a bharrachd ri fhaicinn ann an Alba na d́reach na h-àiteachan a ch́ thu air cairtean-puist. Faodaidh tu dealbhan, fiolmaichean goirid, cẹl agus bàrdachd a chur air gus innse do dhaoine mu dheidhinn àite ṣnraichte ann an Alba.

 

English version



Last updated on Friday 20th April 2012 at 09:16 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo