. Taobh Tatha - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Taobh Tatha

Slighe Geo-iomadachd Obar Bhrothaig gu Auchmithie

Tha a' bhileag-iùil fheumail seo airson coiseachd a' sealltainn seallaidhean àlainn is dualchas gẹlais a' cheum oirthirich eadar Obar Bhrothaig is Auchmithie. Sa bhileig, a tha an-asgaidh, tha map ḿneachail, fiosrachadh mun ghẹlas agus dealbhan de chomharraidhean-t́re leithid Ceann an Deamhain agus Eaglais na Maighdinn-mhara a chithear air an t-slighe. Tha ṃran àiteachan a tha doirbh is cunnartach an ruighinn, ach tha a' bhileag-iùil gad chuideachadh, agus a' sealltainn dhut na tha faisg air làimh, agus mar a choimheadas tu gu faiceallach cuid de na feartan annasach a th' air am pàirt seo den oirth́r a dhèanamh cho inntinneach.

Faodaidh tu sealltainn śos air gĺbean is saobhaidhean, stoban is stuaghan is iad uile air an cumadh leis a' mhuir bho seann chlachan gainmhich dhearg is greabhal. Chruinnich na creagan dearga sin an toiseach nuair a bha Alba deas air Crios-meadhain an t-saoghail o chionn c̣rr air 400 millean bliadhna, agus thathar air a bhith gan cleachdadh airson ceudan bhliadhnaichean mar chlachan togail, mar a chithear ann am ballachan taighean àbhaisteach agus ann an Abaid Obar Bhrothaig. Tha lethbhric den bhileig-iùil, "Arbroath to Auchmithie Geodiversity Trail", rim faighinn bho Leabharlann Obar Bhrothaig, Abaid Obar Bhrothaig, Taigh-tasgaidh Signal Tower, Oifis Inntrigidh Obar Bhrothaig agus bho Visit Scotland ann an Ionad Turasachd a' Chalaidh. Air neo faodar fios a chur gu Taigh-tasgaidh Pheairt air 01738 632488 no le bhith ga thoirt a-nuas bho làrach-ĺn Geo-iomadachd Taobh Tatha external site .

Cuaraidh Corsiehill, Kinnoul Hill

Tadhail air Cuaraidh Corsiehill, làrach geo-iomadachd ionadail air iomaill Peairt an ear, gus feartan gẹlais a' chuaraidh agus a' chnuic fhaicinn agus rannsaich pàirc a' choille. Faic na seallaidhean-t́re bhon na h-ionadan-seallaidh agus faic Tùr Kinnoull.

Airson leth-bhreac den leabhar-iùil Cuaraidh Corsiehill cuir fios gu Taigh-tasgaidh Peairt air 01738 632488 no thoir a-nuas e an seo:

Bileag Cuaraidh Corsiehill external site

 

 

English version



Last updated on Friday 20th April 2012 at 08:39 AM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo