. Geo-phàircean - Scottish Natural Heritage
skip to main content

Geo-phàircean

Thig a rannsachadh stèidheachdan creagach na h-Alba tro th́m agus timcheall an t-saoghail.

Faic far an robh fàsaichean, cuantan, bholcànothan agus eigh-shruthan, a tha uile air an comharra fhèin fhàgail air an t́r. Faigh a-mach mu sgeulachd iongantach cruth-t́re na h-Alba, a thug tŕ gu leth billean bliadhna a' tighinn gu cruth!

Geo-phàircean na h-Alba

Ann an Alba tha 3 Geo-phàircean Ẹrpach UNESCO againn, ann an Iar Thuath na Gàidhealtachd, Loch Abar agus ann an Sealtainn. Tha gach làrach-ĺn sin a' tabhann fiosrachadh ùraichte mu àitean-fuirich, foillseachaidhean, tachartasan is gńomhan anns an sǵre.

Dè a tha am broinn geo-phàirc?

Tha inbhe geo-phàirc a' toirt aithne luachmhor dha àite le dualchas ṣnraichte gẹlasach, far a bheil luach an dualchais seo a' toirt buannachd do mhuinntir na sǵre le bhith a' leasachadh an eaconamaidh tro thurasachd is iomairtean foghlaim. Dha luchd-turais tha e a' ciallachadh gum bi gu lẹr nithean ann ri dhèanamh is ri fhaicinn airson meas a chur air ùidhean gẹlasach an àite.

Ĺonra Ẹrpach

Tha ĺonra ann de 35 Geo-phàircean Ẹrpach agus tha gach geo-phàirc ag innse sgeulachd eadar-dhealaichte. Gheibh thu tuilleadh a-mach mu Geo-phàircean Ẹrpach external site air an làraich-ĺn aca.

Tha UNESCO a' dearbhadh inbhe Geo-phàirc Ẹrpach, is mar sin tha gach Geo-phàirc Ẹrpach cuideachd na Geo-phàirc Cruinne UNESCO.

 

 

English version



Last updated on Monday 27th August 2012 at 14:32 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo