Carson am blàr a-muigh?
Rannsaich am blàr a-muigh ann an Alba air do shon fhèin. Tha e saor is an-asgaidh agus air leth àlainn.
- Faigh a-mach mu do phàircean ionadail, cheuman agus àiteachan uaine
- Meal tràighean, cnuic is coilltean
- Gabh dàn-thursan air ceuman nas fhaide agus tìre
- Coimhead air fiadh-bheatha faisg air an dachaigh no ann an àiteachan nas iomallaiche
- Tadhal air àiteachan a tha cudromach a thaobh fiadh-bheatha agus cur-seachadan
Tha am blàr a-muigh na àite fìor mhath airson a bhith ri spòrs, fois a ghabhail còmhla rid theaghlach is charaidean agus tha e math dhad shlàinte.
Bi èasgaidh
Tha a bhith a' mealtainn a' bhlàir a-muigh math airson do chumail èasgaidh. Tha a bhith a' coiseachd a-muigh a' cur ri bhith a' cumail ri na h-ìrean de ghnìomhachadh corporra a thathas a' moladh - co-dhiù 30 mionaid, 5 tursan san t-seachdain dha inbhich.
Cuir dùbhlan romhad fhèin airson fàs nas fhallaine. Gabh pàirt ann an raon inntinneach de chur-seachadan air an talamh, san uisge no san adhar.
Theirig an sàs - gabh obair saor-thoileach agus meal na sochairean a tha a' tighinn bho bhith a' dèanamh rudeigin sònraichte dha daoine is nàdar.
No dìreach gabh fois. Tha a bhith san èadhar na dheagh dhòigh air uallach a leigeil dhìot agus spionnadh às ùr fhaighinn.
Ge bith dè a roghnaicheas tu a dhèanamh, gabh ùine airson do thuras a chur air dòigh agus faigh tlachd à nàdar agus cruthan-tìre mìorbhaileach na h-Alba.
Last updated on Tuesday 22nd May 2012 at 14:34 PM. Cliog an seo airson beachd a thoirt air an duilleag seo